Stòiridhean ’nan ruith mar bheò-dhealbh

Ceangal ri Comhairle nan Leabhraichean

Nam b’ e riochdaire telebhisein a bh’ annamsa agus mo shùil a-mach airson rosg a ghabhadh tionndadh na bheò-dhealbh meanmnach ach le stòiridhean a tha gàidhealach gu an cùl, chan fheumainn coimhead na b’ fhaide na air Gormshuil an Rìgh aig Fionnlagh MacLeòid a chaidh fhoillseachadh le Clàr an 2010.

Nis, sgìre san do dh’àraicheadh Fionnlagh MacLeòid, ùghdar Gormshuil an Rìgh, le cead Creative Commons Flickr

Fhad ’s a bha mi ga leughadh a-rithist o chionn ghoirid, bha na stòiridhean a’ toirt Tom & Jerry nam chuimhne – dìreach a thaobh an luaths is lùths, agus ‘a’ bhrùidealachd’ a tha nan lùib.

Mar a tha iomadh beò-dhealbh eile, chan eil e gu diofar cia mheud turas a thèid Tom no Jerry a dhochann no a phronnadh don làr, tha an ceòl a’ ruith fad an t-siubhail gun bhruidhinn sam bith ann agus iadsan a’ dol aig peilear am beatha. Agus nuair a thèid an ceòl air feadh na fìdhle, ’s ann èibhinn is ait a tha ‘an fhòirneart’, mas fhìor, eadar an cat ’s an luch an-còmhnaidh.

Is ann luath agus loma-làn lùths a tha na tachartasan ann an Gormshuil an Rìgh, ´s iad nan deann-ruith o stòiridh gu stòiridh. Le cath ri chur, gheibhear tòrr sabaidean ann, ach bhon as e creutairean os-nàdarra a th’ anns a’ mhòr-chuid de na caractaran, tha ‘a’ bhrùidealachd’ seo do-bheantainn (intangible) ann an inntinn an leughadair, agus is cinnteach leam gum fanadh i mar sin ann am beò-dhealbh sam bith a dh’fhaodadh èirigh às. Oir, chan eil e gu diofar cia mheud turas a thèid ceann a sgathadh dhe chreutair os-nàdarra mum fàs e a-rithist no mun leum e ann an cruth eile. ’S e saoghal tur eadar-dhealaichte a tha seo agus riaghailtean aige fhèin gu lèir.

Seo agaibh clàr (neo-iomlan) de na caractaran is àiteachan.

Daoine
Dos Mòr Mac a’ Cheannaiche
Ulla  
a’ Bhean-nighe
An Co-choisiche an Cèineach Gormshuil
an Ceatharnach (o riochd culla-mhìogais)
a’ bhean-shìth
AFR – an Àrd-Fhear-Riaghlaidh Luchd nan Sgeul
Luchd an Leabhair
a’ Ghruagach
a’ Chailleach Ruadh (piuthar Rìgh an Èirinn)
mac Rìgh Alba
Cluas Mhòr
Deic
nighean rìgh Èireann
sgioba eathar Aonghais Chaluim Ruaidh
Aonghas Chaluim Ruaidh, an sgiobair
Dubh a’ Ghiubhais
Brianuilt bhaindidh nam beannachd
Seann Saighdear
Rìgh na Tuirc
Aonghas na Gaoithe
Aonghas nam Beann an Dùdan
Còcaire ‘ain Tàilleir
Fear Gun Ainm
muime
an Rìgh
am Britheamh seirbheiseach (san Talla Mhòr)
’Ain Fiosaich (Iain)
an t-Òlach gu làn-fhear-pòsta *aig nighean a’ Bhritheimh
nighean a’ Bhritheimh Dòmhnall Cam
Niall na Sàile Bige
Iain Mòr MacPhàil falbhaiche (a’ gabhail an rathaid
Corra-Chriosag le poca aice air a druim Gràdhag, Nighean Rìgh Lochlann
an Gobha Gorm
an dà thàillear Mànas na h-Àirde Bige
Iain Dubh Chràidhig
a’ Chailleach Mhòr (Thathabhal)
an Ciuthach oglaidh
Rìgh Lochlann nam Fear-Tàileisg
Mac an Luin
an Gille Mòr
an Gille Ruadh
Beathaichean is creutairean os-nàdarra
an Gocaman Dubh
Rònan
a’ chailleach (an Eachrais-Ùrlair)
cuilean le Ulla
an t-Saidh-Bhàn
an Luchraban
am Fitheach  
crodh-mara  
a’ Mhaighdean-mhara  
an Iolaire  
an Cionaran-Crò  
Ealaichean a thàinig gu riochd dhaoine na cait-dhubha  
Culla-mhìogais (cat mòr dubh le blàr geal na aodann)  
cailleachan gu riochd falairean a’ marcachd  
a’ Chròg  
an Gille Màirtean  
Rìgh nan Gribh  
na seillein  
Dubh a’ Ghiubhais    
an Glaisean  
an Uruisg  
mathan  
Corra-Chulachainn (am famhair)  
Seilch Mhòr Loch Eilleagal  
calman  
Tommy, chimpanzee   Corra-lòid – armailt de dhaolagan mòra dubha   am Beannach-Nimhe   Sìtheag
Seòthag
Crom an t-Sabhail
Caoilteag-bhàn Nathair-bheumnach
Gribh-Ìneach Nathair-nimhe Leomhainn-bheucach
Àiteachan
Uaimh Ulladail
Ceann Loch Rèasort
Clach Dhos an Talla
an t-Eilean
laimrig Imeartain
Sròin an t-Sinntinn
Rònaigh
Làrach nam Biast
cearcall dhaoine mun tein-aighir
tobar tràigh
Sìthean Chapaigil a’ bhrùgh
an Cnoc Mòr
an Caisteal
na Seachd Eilein
Tobar nam Buadh
beinn-sheilg
Suidhe Bhrianuilt
Èipheit Iarach ’s Uarach
Raon an Lobhaidh
Loch Eilleagal
an Loch Gorm
an t-Eilean Mòr
an Talla Mòr
Taigh ‘Ain Fiosaich
an Druim Buan
am Port
Mòr-thìr an Dùn (Iain Mòr MacPhàil)
Cnoc na Croiche
Clach na Gruagaich
Loch na Muilne
a’ Chraobh-shìthe
Cnoc a’ Chaisteil
Taigh-Sgoile Dubh
a’ Bhealach Bhàn
Lochlann
na h-Eileanan Seunta
na beanntan
cliathaich Thathabhal
Bealach Eighre
Dùn Bhrùgh
an Tràigh Mhòr
Beinn Dòmhnaill Màm Mòr

A bharrachd air siùbhlachas nan stòiridhean san leabhar, tha Fionnlagh MacLeòid a’ cleachdadh alt eile airson na seann-sgeulachdan a thoirt beò a-rithist. Tha an innleachd seo fillte sa chainnt fhèin.

Gu h-ìosal, gheibhear cuid de na gnàthsan-cainnt a tha gu sònraichte math ann an gnè sgeulachd le draoidheachd, creutairean os-nàdarra is daoine neo-chumanta am pailteas.

  • A’ caoineadh le tuireadh na beul
  • Fhuair i fàth oirre
  • Leig i garbh-èighe às
  • Bheir mi dhut na trì rogha miann a dh’iarras tu
  • A’ sgiathalaich ’s a’ sgarghail
  • Tha coltas an droch-rud air
  • Cuiridh sinn fo phian ’s fo chiùrr a-rithist e (pain & torture)
  • Garbh-rathan: bha an t-Saidh-bhàn air garbh-rathan a chur ga ionnsaigh iad tilleadh air ball
  • Uamhann-èighe nan cat (ghastly, horrible cry)
  • Cogan caorainn (a drinking vessel made of rowan/mountain ash)
  • a’ sèideadh ’s a’ bòcadh gus an robh meud neo-chumanta innte
  • a’ coiseachd na thrusgan sgeilmear (neatly-dressed)
  • shuath am fear geal ri arabhalag do shùla, ’s bidh do fhradharc fìor
  • nuallan iargalta nan Gribh-Ìnneach
  • le garg-ghlaodh na bheul
  • ghabhna chruth
  • leum … ann an riochd ….
  • gach draoidheachd is iodramachd
  • tha mi nam lùban le geilt
  • spailp na dibhe (Dutch courage): thuirt e le spailp na dibhe…
  • thuit e na chluain-chlàir chun an làir
  • dhèanadh iad bogan air a’ chreagan is creagan air a’ bhogan (faic sgeul mun Chailleach Bheur)
  • bha iarraidh neo-ghnàthaichte (uncanny/supernatural calling) a’ cur spionnadh annta
  • a’ sgiathalaich mar thàbhanaidhean deathaich – flying like wraiths (tàbhanadh, taibhse, etc.)
  • spionnadh is neart neo-chrìochnach
  • an cadal buan – eternal sleep
  • ghabh ann an cràic a’ Bheannaich-Nimhe – he got stuck into the Beannach-Nimhe (particularly with hands grabbing its tousled, matted hair [cràic])

Dìreach taghadh, mar as àbhaist, gu h-àrd.

Co-dhiù, mholainn do riochdaire no dèanadair filmichean beò-dhealbhach sam bith dearcadh air an leabhar seo feuch an urrainn dhaibh na stòiridhean is pearsachan a thoirt gu bith air sgrìn aig ìre àrd, phroifeiseanta. Dh’fheumadh e buidseat dha rèir!

Dè do bheachd?

Please log in using one of these methods to post your comment:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s