Oidhche Bhurns, is Tómas Seanntair

Le oidhche suipearan Raibeirt Bhurns a’ teannadh dlùth, agus cho measail ’s a bha agus a tha na Gàidheil air a’ bhàrd chliùiteach fhathast, bu toigh leam coimhead air aon de na tionndaidhean a b’ fheàrr a rinneadh riamh air bàrdachd Bhurns.

Sin an dreach air leth a rinn Dòmhnall Mac an t-Saoir, no Dòmhnall Ruadh Phàislig mar a b’ fheàrr a dh’aithnichear e, air Tam o’ Shanter. Gheibhear pailteas bàrdachd sàr-ghleusta ann an “Sporan Dhòmhnaill”, leabhar a thionail ’s a dheasaich Somhairle Mac a’ Mhaoilein às leth Comann Litreachas na Gàidhlig, Dùn Èideann, agus tha Tómas Seanntair a’ nochdadh air taobhan-duilleig 315 – 326. Dh’fhoillsich Gairm e an toiseach ann an 1957.

Seallag o dhealbh-balla Prestonpans on dàn-èibhinn Tam o’ Shanter

Mar a theirear san leabhar, bha an tionndadh Gàidhlig de Tam o’ Shanter aig Dòmhnall Ruadh Mac an t-Saoir cho math is gun robh e ionnas a bhith toirt bàrr air an fhear thùsail aig amannan. Agus ma tha thu cho fortanach ’s gun tachair dhut lethbhreac a bhith agad, nì thu tarraing à dà thobar bhuadhach, bheartach ann an Gàidhlig air neo sa Bheurla Leathann.

Fhir mhóir na misnich, Mac na Bracha
“Bheir làn na cuaicheadh aoibhneas dhuinn,
Nì té no dhà dhiubh dàna sinn,
Nì trì no ceithir sinn cho treun,
‘S nach gabhta sgàth roimh Shàtan fhéín”

Sporan Dhòmhnaill, Scottish Gaelic Texts Society, 1968

Sa phost bloga seo, bheir mi dhuibh grunn eisimpleirean de dh’fhaclan is gnàthsan-cainnte às an dàn (oir chan fhaod mi am bàrdachd air fad fhoillseachadh an-seo air sgàth chòraichean). Ma tha lethbhreac dhith air do shealbh, tha mi an dòchas gum bi na h-às-earrannan seo feumail dhut gus an tuilleadh tuigse is tlachd fhaighinn às, ged a tha deagh iomradh air mòran de na h-abairtean as dorra ann an Sporan Dhòmhnaill fhèin a-cheana.

mear merry, nach sinne a tha mear mu thimcheall bùird (while we sit bousin, at the nappy)
bota hump, gach bota ’s poll, gach toll is bruaich (the mosses, waters, slaps and stiles)
gàg hack in skin, le ceum air ghàig an unwilling step
durghaidh forbidding, gu tè tha dùinte, durghaidh ann (whare sits our sulky, sullen dame)
tuar appearance, countenance, ag altram fearg air réir a tuar ’s ga cumail blàth mus fàs i fuar (gathering her brows like gathering storm, nursing her wrath to keep it warm)
caibhleachadh putting into a dilemma, fhuair e caibhleachadh is tàir
duaichnidh dismal, oidhche dhuaichnidh, duathal, garbh
deur a bit drunk, deur na cheann
sùil mun t-sròin straight to the face, dh’innis i dhut sùil mun t-sròin (she tauld thee weel)
raoit indecent mirth, raoitear a wanton drunkard ( a drunken blellum)
dreag a light following the course a coffin or body was to take (e.g. from sea to graveyard)

gun do dh’innis i dhut có e do dhreag
do chlosnach ghrànd’ bhith sàs mu chreig

Sporan Dhòmhnaill, Scottish Gaelic Texts Society, 1968

cairbheas big gaping mouth, le cairbheas fosgailte os do chionn
Fear-nach-can Satan, the Devil; grìosach dhearg an Fhir-nach-can
a’ craosladh suas devouring

bu bhrèagha braoisg a’ craosladh suas
pretty was the grin devouring up (teine)
fast by the ingle, bleezing finely

Sporan Dhòmhnaill, Scottish Gaelic Texts Society, 1968


curracagach frothy, gu curracagach a’ copadh suas (leann) [beer frothing up and overflowing the glass]

trosg cod dh’òladh e mar an trosg he could drink like a fish
turarach rumbling noise, (tàirneanach) gu sracadh geur, gu turarach, trom an com nan speur
baganaich, a’ baganachadh adjust one’s dress, Ath-bhaganaich mo ghille e fhèin
gath-muing mane of horse
stiream, staram clip-clop, S i stiream, staram sìos an ròd (rathad)
lod puddle
sgrog pull on bonnet firmly to tighten on head gun sgrog e uime bhoneid ghorm
coc cocking, stiffening gun choc e smiogaid suas ri stoirm
briachd (prèach) bog, marsh, morass, eabar, briachd no poll
gnòdhanaich humming over a tune or song, e gnòdhanaich ri òran binn
tobar well, tobar dhris – well of thorns
stararaich (same as dairirich, dairireach) loud rattling, bha an stoirm a’ stararaich feadh nan craobh
oileadhag commotion, gu dé ’n oileadhag tha mun chill?
gliong motion, Is gaoir, is gliong a-stigh ’s a-muigh
piorraid pointed (witch’s) hat, piorraid… air bhàrr an cinn
eamsag throw hands up while dancing, le luighean luath air uachdar làir, a thilgeadh eamsag uallach, àrd [with fast legs on the ground, gallantly throwing hands in the air (while riding)]
luighein a foot, ankle, leg as of deer
giobach hairy,

Sàtan…na shuidhe ann an riochd a’ choin,
s e giobach, gruamach, gaoisneach dubh

Sporan Dhòmhnaill, Scottish Gaelic Texts Society, 1968

a’ geigeil giggling, a’ seinn ’s a’ geigeil
stiorraidean lanky creatures, nan stiorraidean aognaidh, chaola, chnàmh
innleachd device, innleachd dheamhnaidh – devilish device
ag iomspaideal, looking around furtively
air bhiogairne, on edge
stàilleag snap of fingers gheàrr e stàilleag
bladadh howling bladadh a’ choin luim [howling of the bare dog]
ìongnach long-nailed
ceap an gadaiche catch-the-thief! e.g. Ceap an gadaiche! Stop thief!

boc buck, geàrr do bhoc
make like the wind


bàigh kindness, mercy, ceann gun bhàigh luckless one

sìtheadh dart forward, sìtheadh mìl air thùs air càch
a headstart of a mile on others
craos voracious mouth cùm do chraos ’s do dhrùis fo ghlais
refrain from gluttony and lust

Seach a bhith ga ath-fhoillseachadh uile gu lèir, chan urrainn dhomh ach tomhas beag den bhriathrachas bheartach a gheibhear san dàn-aoir, èibhinn, dràmadach seo a thoirt dhuibh an-seo.

San dealachadh, tha e coltach gun robh buntanas aig sliochd Bhurns don Ghàidhealtachd o thùs. Bha cuideachd a shìn-seanair no shìn-shìn-seanair, a-rèir aithris, a’ fuireach ann an Taigh an Uillt. Nuair a dh’fhalbh iad a-null a Laurencekirk air taobh sear na h-Alba, thugadh Burnshoose orra mar shloinneadh airson an t-àite bhon tàinig iad a chumail air chuimhne. An uair sin, chaidh a’ phàirt “hoose” dhen t-sloinneadh a chall uaireigin air an slighe gu deas a Shiorrachd Àir. Leugh mi mu dheidhinn an eachdraidh fhalaichte seo anns an Ròsarnach.

One thought on “Oidhche Bhurns, is Tómas Seanntair

Dè do bheachd?

Please log in using one of these methods to post your comment:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s