Comann is Caidreabh

Seo cothrom air-loidhne is aon far-loidhne, a dh’fhaodadh a bhith feumail do neach a tha a’ sireadh comann is caidreabh tron Ghàidhlig.

Tha dùil agam nithean eile a chur ris nuair a bhios fios agam orra.

Air-loidhne

Cèilidhean

Ainm: Cèilidh Dhualchasach Air Loidhne

Cò: Àdhamh Dàmaireach a tha ga cur air dòigh

Dè: “Cèilidh eile, is òrain, sgeulachdan, naidheachdan, agus còmhradh gu leòr innte!”

Cuin: Didòmhnaich, 20:00 – 22:00 UTC, gu cunbhalach o mhìos gu mìos

Càit: Zoom, gheibhear an ceangal air Facebook (https://www.facebook.com/events/963069434568258/?active_tab=discussion)

Còmhradh

Ainm: Cearcall Còmhraidh Disathairne

Cò: Morag Mcdonald

Dè: Còmhradh sa Ghàidhlig

Cuin: Mar as trice, gach Disathairne, 15:00 – 16:00 UTC

Càit: Zoom, gheibhear an ceangal le fiathachadh tro Facebook no Messenger

Ainm: Pop-Up Gàidhealtachd 2021  WEEKLY

Cò: Muinntir Cheap Breatainn

Dè: Còmhradh sa Ghàidhlig le òran no ceòl

Cuin: Mar as trice, gach Dihaoine, 15:00 – 16:00 UTC

(A’ dol an-dràsta: Faoilleach 2022)

Càit: Zoom, gheibhear an ceangal tro Facebook

Ainm: Leughadh Co-roinnte (Còmhla) ann an Gàidhlig (Eadar-mheadhanach)

Cò: Leabhar Fosgailte / Open Book

Dè: Leughadh bàrdachd is sgeulachdan còmhla ri chèile, an-asgaidh

Cuin: Diluain, gach cola-deug

Càit: Air-loidhne, https://www.eventbrite.co.uk/e/leabhar-fosgailte-leughadh-co-roinnte-an-gaidhlig-eadar-mheadhanach-tickets-228301685487?aff=ebdssbeac

Còmhradh anns a’ chraiceann! (far-loidhne/offline)

Ainm: Cearcall Còmhraidh (Dùn Dè, Alba)

Cò: Gàidhlig ann an Dùn Dèagh – Gaelic in Dundee

Dè: Còmhradh sa Ghàidhlig (ìre eadar-mheadhanach suas)

Cuin: Disathairne, 11:00 – 12:00 UTC

Càit: Upstairs Garden Area, Central Library Dhùn Dè

Bu toigh leam barrachd a chur ri seo, oir ’s cinnteach leam gu bheil cridhe dhaoine togte ri faighinn a-mach agus coinneachadh ri càch an dèidh 2 bhliadhna de shriantan gar cuingealachadh. Leigibh fios mu chruinneachadh sam bith san t-saoghal a-muigh a tha ga chumail tro mheadhan na Gàidhlig agus foillsichidh mi e air an làrach seo.

Dè do bheachd?

Please log in using one of these methods to post your comment:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s