Dà bhliadhna seachad: cuin a thig sinn beò a-rithist?

Dealbh le Teileasgop Fànais Hubble aig NASA/ESA

Sheinn am bàrd “Och, ochan a Rìgh, gur tinn an galar an gràdh! Chan eil neach air am bi nach saoil gur seachdain gach latha.”

Saoil am b’ aithne dha a’ bhuaidh a bheireadh galar-sgaoilte air ar beatha làitheil nan robh sinn a’ caitheamh cus ùine a’ smaoineachadh air?

An toiseach, cha robh cothrom air ach a bhith a’ féileaganaich mun taigh fad mhìosan. An uairsin, chaidh na sriantan fhuasgladh rud beag.

Ach, càit an rachadh tu? Oir, bha na taighean-cluiche, taighean-seinnse, taighean-dhealbh, taighean-bìdh is cafaidhean, taighean-tasgaidh agus eadhon taighean-beaga poblach uile dùinte le òrdagh an riaghaltais.

Cha mhotha a bha na lannan-cluiche is ionadan spòrs fosgailte, agus air uairean, chaidh pàircean baile a dhùnadh mar a mheasadh na h-oifigich iomchaidh.

Tha fios agaibh uile air seo co-dhiù. Ciamar nach bitheadh agus sibh druidte a-staigh ag obair air neo a’ feuchainn ri cumail a’ dol mar a b’ àbhaist, ged a bha mòran agaibh air fòrladh a dh’aindeoin oirbh.

Is dòcha gun cuireadh tu stèisean rèidio thuige tron latha. Cha chluinnteadh, agus fhathast, cha chluinnear ach “galar-sgaoilte, aonranachadh, fuirichibh air leth, fanaibh a-staigh, astar sòisealta, riaghailtean, glasadh, bàsan, tinneas, ospadalan, CO…” — na abair an còrr.

Nach eil fhios aca dè th’ ann an naidheachdan? ‘S e sin NAIDHEACHDAN, NUADH-SGEULACHDAN, NEWS, NOUVELLES” – nach eil sgeulachdan ùra aca ri innse dhuinn? Tha, rudan ùra mu CO…

Shaoileadh tu gun do stob cuideigin seann teip-reacòrdair fon mhicreofon agus gun deach a chumail mar sin air playback.

A latha ’s a dh’oidhche, seachdain is seachdain, mìos is mìos – fad dà bhliadhna. Eadhon an-diugh fhèin, chan eil abhsadh air a’ bheul aon-ghuthach.

Ma-thà, a bheil faireachdainn agaibh gur e seachdain gach latha fhathast?

Tha agamsa.

Seachdain is seachd searbh sgìth dheth, agus seachd neo-ar-thaing dha CO….

One thought on “Dà bhliadhna seachad: cuin a thig sinn beò a-rithist?

Dè do bheachd?

Please log in using one of these methods to post your comment:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s